Jump to content

Michael Bauer

O Uicipeid

Teamplaid:Dàta pearsa

'S e cànanaiche às A' Ghearmailt a tha ann am Michael Bauer neo Mìcheal Bauer (München, 4 an t-Samhain 1974).[1] Tha e an sàs rannsachadh is teagasg na Gàidhlig taobh a-muigh an oilthigh, cruthachadh goireasan Gàidhlig digiteach (mar bhathar-bog Gàidhlig is foillseachadh.[1][2][3] Rinn e ceum ann an cànanachas agus Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann eadar 1998 is 2002 agus ged a bha e na shaoranach Gearmailtich o thùs, fhuair e saoranachd Bhreatunnach ann an 2010.[1] Tha e cuideachd na bhall dhen Document Foundation, am fonndas a tha a' dealbhadh LibreOffice.[4]

Faclaireachd

'S e Mìcheal Bauer agus fear Will Robertson a dh'fhoillsich an dà chuid Dwelly-d (tionndadh air loidhne dhen fhaclair aig Dwelly as urrainnear rannsachadh eadar an dà chànan) agus am Faclair Beag (faclair Gàidhlig le briathrachas is abairtean nas ùire ach le Dwelly ann cuideachd) ann an 2009.[5] Fhuair an dithis moladh an dà chuid o Phàrlamaid na h-Alba agus Pàrlamaid Westminister airson an obair shaor-thoileach seo.[6][7]

Duais

Fhuair e an duais eadar-nàiseanta ann an Duaisean Gàidhlig na h-Alba 2014.

Ceanglaichean a-mach

Tùsan

  1. 1.0 1.1 1.2 Bauer, M. Blas na Gàidhlig: The Practical Guide to Scottish Gaelic Pronunciation (2011) Akerbeltz ISBN 978-1907165009
  2. Na Gaidheileamailtich
  3. Bòrd na Gàidhlig - Survey of Gaelic Corpus Technology
  4. Ballrachd an Document Foundation
  5. Mun Fhaclair Bheag
  6. Early Day Motion 456
  7. S3M-3232 Alasdair MacAilein: Dwelly’s Gaelic Dictionary Online