S' e baile mòr ann am meadhan na Pòlainn a tha ann an Toruń (IPA: ˈtɔruɲ, Gearmailtis: Thorn, Liotuànais: Torunė, Latbhais: Toruņa, Laideann: Thorunium). Tha e suidhichte aig 68m os cionn ìre na mara,[1] dìreach ri taobh Bydgoszcz, air an abhainn Vistula,[2] anns an roinn Kujawsko-pomorskie. Ann an 2010 bha 205,312 duine a' fuireach ann. Tha Toruń 335km air falbh bho Lublin, 340km bho Kraków, 147km bho Gdańsk agus 184km bho Warsaw, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] ‘S e an 16mh baile as motha na dùthcha a th’ann.[4] A bharrachd air sin, fhuair am baile a chuid chòirichean ann an 1233[5] ri linn nam Piast agus chaidh oilthigh a stèidheachadh ann an 1945.[6]